Cànanan Innd-Eòrpach

(Air ath-sheòladh o Cànanan Ind-Eòrpach)

‘S e a h-uile cànan a bhuineas do theaghach mòr nan teangaichean le freumhan ann an ro Innd-Eòrpach, air a ath-chruthachadh leis na cànanaichean, a th’ann na Cànanan Innd-Eòrpach. Gheibh sin a-steach na cànain air am bruidhinn le 3,000 duine aig ìre eadar-nàiseanta agus a’ mhòr-chuid dhe na cànain san Roinn Eòrpa agus air an àirde an ear-dheas Àisia. Air sailleabh adhbharan eachdraidheil, bithear gam bruidhinn air feadh na cruinne, agus tha iad gu math làidir thall anns na h-Aimearagan agus Roinn a' Chuain Shèimh. ‘S e ball na buidhne seo a th’anns a’ Ghàidhlig. A bharrachd air sin s’ ann leis an teaghlach seo a tha na cànain a leanas, gam bruidhinn le còrr is 50 millean dhe daoine: Beurla, Bangla, Eadailtis, Farsi, Fraingis, Gearmailtis, Gujarati, Hindi, Portagailis, Ruisis agus Spàinntis.

Làthaireachd an latha an-diugh de mheòir nan cànan Innd-Eòrpach, mu thuaiream, sna dùthchannan aca san Roinn-Eòrpa agus Àisia

Na cànain Innd-Eòrpach is lìonmhoire an luchd-labhairt

ISO 639-3CànanAinm-duibhearachTeaghlach-
chànan
Teaghlach-
chànan 2
Teaghlach-
chànan 3
Teaghlach-
chànan 4
BhoGuLuchd-labhairt
iomlan[1]
Ga bruidhinn ann(s)
engBeurlaEnglishGearmanachGearmanach an IarAngla-Frìoslannach800,000,000An Rìoghachd Aonaichte, Na Stàitean Aonaichte, Canada, Astràilia, Na h-Innseachan, Afraga a Deas, Pagastàn, Poblachd na h-Èireann
spaSpàinntisEspañol, CastellanoEadailteachRòmanachIbero-Ròmanasch500,000,000An Spàinn, Aimearaga a Deas
porPortagailisPortuguêsEadailteachRòmanachIbero-Ròmanasch240,000,000A' Phortagail, Braisil, Angòla, Mòsaimbic, Cape Verde, São Tomé agus Príncipe, Gini-Bissau, Tiomor an Ear, Macau
hinHindiमानक हिन्दीInnd-ArianachRaon a' MheadhainHindis an IarHindustani180,000,000Na h-Innseachan
benBanglaবাংলাInnd-ArianachRaon an EarAsamais180,000,000Bangladais
rusRuiseisрусский языкSlàbhachSlàbhach an Ear144,000,000An Ruis, A' Bhealaruis, Casachstàn, Cìorgastan
deuGearmailtisDeutschGearmanachGearmanach an IarÀrd-Gearmanach98,000,000a' Ghearmailt, an Ostair, an Eilbheis
fraFraingisFrançaiseEadailteachRòmanachGalo-Ròmanasch90,000,000Eòrpa, Afraga, Na h-Aimearagan, Cuan Sèimh agus àitichean eile ann an Àisia
pesFarsaidh an Iarفارسی, دری, تاجیکیIorànachIorànach an IarIorànach an Iar-DheasFarsaidh80,000,000Ioràn
itaEadailtisItalianoEadailteachRòmanachEadaila-Ròmanasch80,000,000An Eadailt, an Eilbheis, San Marino, Cathair na Bhatacain
marMarathiमराठीInnd-ArianachRaon a Deas72,000,000Na h-Innseachan

Tomo Belgium, ope Smirfy

Aistidhean co-cheangailte

Ceangal a-mach

Iomraidhean

🔥 Top keywords: