Coineanach

Coineanach
Coineanach eòrpach
(Oryctolagus cuniculus)
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Lagomorpha
Teaghlach Leporidae

Tha coineanach[1] (neo rabaid[1]) (iolra: coineanaich; rabaidean) na sheòrsa sineach beag, ann an teaghlach Leporidae. Tha cluasan fada aca, agus ithidh iad feur. Tha iad cumanta ann an iomadh àite, ach rinn iad sgrios mòr ann an Astràilia nuair a chuir na h-Eòrpaich fear no dha ann.

Tha seachd gèineasan san teaghlach seo, air a bheil an t-ainm "coineanach":

  • Coineanach Eòrpach (Oryctolagus cuniculus, ri fhaighinn an an Alba)
  • Cottontail (gèineas Sylvilagus; 13 spèiseasan),
  • Coineanach Anami (Pentalagus furnessi, spèiseas ann an cunnart ann an eilean Amami Oshima, an Iapan).

Tha iomadh seòrsa eile ann, agus tha iad, còmhla ri pikas agus maighich, anns an òrdugh Lagomorpha.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

🔥 Top keywords: