Hjalmar Branting

B' e fear-saidheans, matamataigear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach às An t-Suain a bh' ann an Karl Hjalmar Branting (Stockholm 23 an t-Samhain 1860–Stockholm 24 an Gearran 1925).[1] Bhuineadh e do theaghlach uabhasach fhèin foghlaimte: b' e ollamh a bh' ann athair, Lars Gabriel Branting, agus cluicheadair phiàna a bh' ann a mhàthar, Emma af Georgii. Dheasaicheadh e Tiden agus Social-Demokraten. Chaidh e dhan phrìosan fo chasaidean naomh-mhallachd ann an 1888 o chionn 's gun do chuir e artaigil a sgrìobh Axel Danielsson sa chlò, a bha gu làidir an aghaidh na h-eaglaise. Stèidhich e am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach Luchd-obrach na Suaine (Suainis: Sveriges socialdemokratiska arbetareparti) ann an 1889 agus chaidh a thaghadh do Phàrlamaid na Suaine airson a' Phàrtaidh ann an 1896.[2] Bha e na mhinistear an Ionmhais (19171918) agus na mhinistear nan Dùthchannan Cèin (19211923). A bharrachd air sin, bha e na phrìomhair trì tursan: greiseag ann an 1920, an uair sin bho 1921 gu ruige 1923 an mu dheireadh thall bho 1924 gu ruige 1925. B' e a' chiad phrìomhair Sòisealach san Roinn-Eòrpa a chaidh a thaghadh a-riamh tro Chòir-bhòtaidh uile-choitcheann. Chuir e air dòigh iomairt airson Nirribhidh a dhìon, a bha a' sireadh a cuid neo-eisimeileachd. Fhuair i sin gun strì ann an 1905, a' cur crìoch air an Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain.[3] Bhris e bho na Comannaich an dèidh Ar-a-mach na Ruise ann an 1917.[4] Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1921 còmhla ri Christian Lange[5] leis gun do rinn e mòran às leth Lìg nan Nàiseanan agus air sàilleabh gun do rèitich e gu sìtheil A' Cheist Åland, an dèidh a' Chogaidh Mhòir. Phòs e aig an neach-aithris Anna Matilda Charlotta Jäderin ann an 1884. Tha ceàrnag ann an Göteborg - Hjalmar Brantings Plads - ainmeachadh an a dhèidh.

Hjalmar Branting
editor-in-chief (en) Translate

1886 - 1908
August Palm (en) Translate - C. N. Carleson (en) Translate
member of the Second Chamber (en) Translate

1897 - 24 dhen Fhaoilleach 1925
Sgìre: Stockholm municipality electoral district (en) Translate
party leader (en) Translate

1908 - 24 dhen Ghearran 1925
Claes Tholin (en) Translate - Per Albin Hansson (en) Translate
Sweden's Minister for Finance (en) Translate

19 dhen Dàmhair 1917 - 5 dhen Fhaoilleach 1918
Conrad Carleson (en) Translate - Fredrik Vilhelm Thorsson (en) Translate
16. Prìomh-mhinistear na Suaine

10 dhen Mhàrt 1920 - 27 dhen Dàmhair 1920
Nils Edén (en) Translate - Gerhard Louis De Geer (en) Translate
Ministear Cùisean Cèin na Suaine

13 dhen Dàmhair 1921 - 19 dhen Ghiblean 1923
Herman Wrangel (en) Translate - Carl Hederstierna (en) Translate
Prìomh-mhinistear na Suaine

13 dhen Dàmhair 1921 - 19 dhen Ghiblean 1923
Oscar von Sydow (en) Translate - Ernst Trygger (en) Translate
Prìomh-mhinistear na Suaine

18 dhen Dàmhair 1924 - 24 dhen Fhaoilleach 1925
Ernst Trygger (en) Translate - Rickard Sandler (en) Translate
Beatha
BreithKlara Church Parish (en) Translate, 23 dhen t-Samhain 1860
Dùthaich An t-Suain
Àite-fuirichQ10401393 Translate
BàsGustav Vasa parish (en) Translate agus Stockholm City (en) Translate, 24 dhen Ghearran 1925
Àite-adhlacaidhcladh Eaglais Adolf Fredrik
Teaghlach
AthairLars Gabriel Branting
MàthairEmerentia Maria Charlotta af Georgii
CèileAnna Branting (en) Translate  (4 dhen Ghiblean 1884 -
Clann
Foghlam
FoghlamOilthigh Uppsala
(1877 -
CànainSuainis
Dreuchd
Dreuchdneach-poileataigs, dioplomat, neach-naidheachd agus editing staff (en) Translate
Àitichean-obrachStockholm
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Creideamh
CreideamhChurch of Sweden (en) Translate
Pàrtaidh poileataigeachPàrtaidh Deamocratach Sòisealach na Suaine
individual applicant (en) Translate

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

🔥 Top keywords: