Nafarroa

Nafarroa
Bratach na RoinneGearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
DùthaichAn Spàinn
Prìomh-bhaileIruña
Stèidhichte1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd10,391 km²
Àireamh-shluaigh620,337 (2014)
Dlùths59.7/km²
Àireamh fòn+ (948)
Duilleag oifigeilRiaghaltas na Roinne

'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Nafarroako Foru Erkidegoa (Basgais) neo Comunidad Foral de Navarra (Spàinntis). Thathar dhen bheachd gur ann às an fhacal roimh-ròmanach Naba a th’ ann an t-ainm is gu bheil sin a’ ciallachadh Tìr Rèidh a-measg nam Beanntan.[1] Tha e suidhichte air ann an ceann a tuath na dùthcha, ri taobh Beanntan nam Pirineo.[2] Tha Nafarroa aon-roinneil. 'S e Nafarroa an11mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 10,391 cilemeatair ceàrnagach, 2.2% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 620,337 duine de shluagh ann,[3] le dlùths aig àireamh 59.7 duine gach km². A bharrachd air sin, tha dà chànain oifigeil ann: Spàinntis agus Basgais. Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de Navarra/Nafarroako Parlamentua. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige. Tha dìreach aon sgìrean ann is ‘s e Iruña a th’ ann am prìomh-bhaile. Tha aon port-adhair eadar-nàiseanta ann, Iruña.

Cruinn-eòlas

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Nafarroa, air an àirde an iar-dheas na roinne a-muigh Zaragoza. 'S e Petilla de Aragón an t-ainm a tha air.[4] Tha e na àite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 34 duine a' fuireach ann.

Ceangal a-muigh

Iomraidhean

🔥 Top keywords: