Émile Zola

B' e Émile Zola (IPA emil zɔˈla) ùghdar, neach-aithris agus fear ainmeil às an Fhraing. Rugadh e ann am Paris air an darna latha dhen Ghiblean 1840, agus chaochail e an siud fhèin air 29mh latha dhen t-Sultain 1902. Bha e os cionn an stoidhle litreachas ris an canadh nàdarras, neo naturalisme anns an Fhrangais.[1][2]

Émile Zola
38. president of the Société des gens de lettres (en) Translate

1891 - 1894
Ernest Hamel (en) Translate - Jean Aicard
41. president of the Société des gens de lettres (en) Translate

1895 - 1896
Aurélien Scholl (en) Translate - Henry Houssaye (en) Translate
Beatha
Ainm slànÉmile Édouard Charles Antoine Zola
Breithrue Saint-Joseph (en) Translate agus Paris, 2 dhen Ghiblean 1840
Dùthaich An Fhraing  (1862 -
Ciad chànanFraingis
BàsParis, 29 dhen t-Sultain 1902
Àite-adhlacaidhPanthéon (en) Translate
cladh Montmartre
Nàdar a’ bhàisaccidental death (en) Translate (puinnseanachadh le CO)
Teaghlach
AthairFrancesco Zola
MàthairÉmilie Aubert
CèileAlexandrine Meley (en) Translate  (31 dhen Chèitean 1870 -  unknown value)
CàraidJeanne Rozerot (en) Translate
Clann
Foghlam
CànainFraingis
Dreuchd
Dreuchdneach-naidheachd poileataigeach, breithniche ealain, nobhailiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, sgrìobhadair sgeulachdan goirid, breithniche litreachais, theatre critic (en) Translate, neach-naidheachd, sgrìobhadair, bàrd agus neach togail dhealbhan
Obraichean comharraichteLes Rougon-Macquart (en) Translate
Thérèse Raquin (en) Translate
J’accuse…! (en) Translate
Nana
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BuaidhHonoré de Balzac
GluasadNàdarras (litreachas)
freethought (en) Translate
Gnè ealainnobhail
sgeul goirid
Creideamh
Creideamhneo-dhiadhaireachd
IMDbnm0957652

‘S e fear dhe na sgrìobhadairean nobhailean Frangach na bu chòrdte na cruinne a bh' ann Zola is thathar a’ cur a chuid obrach sa chlò, ga eadar-theangachadh is a’ bruidhinn mu dheidhinn cho tric fhathast. Nochdaidh na leabhraichean aige daonnan anns na fiolmaichean agus air an telebhisean. Tha a bheatha is a chuid obrach air an nochdadh ann an tòrr sgrùdaidhean eachdraidheil. Taobh litreachas, tha e ainmeil gu sònraichte air sàilleabh na Rougon-Macquart, sreath dhe fichead nobhailean aige a tharraingeadh dealbh co-chomann na Frainge aig àm an Darna Iompaireachd. Leanadh an sreath sin an teaghlach Rougon-Macquart, tro na ginealaichean is gach leabhar a’ dealbhadh ginealach agus linn fa leth.

Mu dheireadh a’ bheatha bha e an sàs anns a’ cheist Dreyfus nuair a sgrìobh e an t-artaigil ainmeil « J’Accuse…! » (Tha mi e fàgail air...!) anns a’ phàipear-naidheachd L'Aurore anns an Fhaoilleach 1898. Thug e sumanadh dhan Taigh-cùirte fo chasaidean dhe Chliù-mhilleadh agus b' fheudar dha a dhol gu Lunnainn is e na fhògarrach sa bhliadhna sin fhèin.

Leanabas agus òige ann am Provence (1840 - 1858)

Rugadh Émile Zola ann am Paris ann an 1840 ach ‘s ann às an Eadailt a bha athair. ‘S e an aon mac aig Francesco Zola[3] agus Émilie Aubert a bh’ann. B’ e Francesco Zola Innleadair na h-obraichean poblach agus seann oifigear Eadailteach. Thug e tairgse airson siostam a chur air dòigh gus fìor uisge a thoirt a dh’Aix-en-Provence bhon a’ Bheinn Sainte-Victoire. Fhuair e an cùmhnant air an 19mh latha dhen Ghiblean 1843 agus chaidh an teaghlach a dh’fhuirich ann an Aix-en-Provence. chaidh ainm a chur dhan chùmhnant ann an 1844. Stèidhich esan Companaidh a’ Chanail Zola (Fraingis) Société du Canal Zola), leis a chuid chompanaich mhaoineachaidh. Chaidh na h-obraichean a thòiseachadh ann an 1847. Chaochail esan leis an niumòinia ann an 1847 an dèidh an Dàm Zola a thogail.

Dreyfus (1894 - 1899)

Bha Zola an sàs anns a’ chùis sin bho 1897, air sgàth gun cuireadh an iomairt an aghaidh an Iùdhach Dreyfus dragh air Zola, is chuir e roimhe pàirt a ghabhail anns a’ chùis is e a’ dìon na Iùdhaich. Nochd a’ chiad artaigil a sgrìobh mun chùis anns a’ phàipear-naidheachd Le Figaro[4] DiDòmhnaich, an 14mh latha dhen Shamhain 1897. Chuir e crìoch air an artaigil leis an t-seanatans ainmeil fàidheil: « Tha am fìoras a’ dol air adhart is cha chuir càil stad air » Fraingis :« La vérité est en marche et rien ne l'arrêtera ».Chan e Alfred Dreyfus a bh' ann am brathadair, ach an ceannard Ferdinand Walsin Esterhazy. Nochd e ri beulaibh Chùirt fo lagh airm Paris air an 10mh latha dhen Fhaoilleach 1898, ach chaidh e a shaorachadh an làn a-màireach.Bha Zola cho fiadhach ann an dà chuid an aghaidh dhìtidh duine neo-chiontach agus saorachadh duine ciontach co-dhiù. Agus bha e uabhasach fiadhaich.

Leabhraichean

  • La Confession de Claude (1865)
  • Thérèse Raquin (1867)
  • Madeleine Férat (1868)
  • Le Roman Experimental (1880)
  • Les Rougon-Macquart (sreath dhe nobhailean mu dheidhinn aon teaghlach)
    • La Fortune des Rougon (1871)
    • La Curée (1871–72)
    • Le Ventre de Paris (1873)
    • La Conquête de Plassans (1874)
    • La Faute de l'Abbé Mouret (1875)
    • Son Excellence Eugène Rougon (1876)
    • L'Assommoir (1877)
    • Une Page d'amour (1878)
    • Nana (1880)
    • Pot-Bouille (1882)
    • Au Bonheur des Dames (1883)
    • La Joie de vivre, Charpentier, Paris, (1883)
    • Germinal, Charpentier, Paris, (1885).
    • L'Œuvre (1886)
    • La Terre (1887)
    • Le Rêve (1888)
    • La Bête humaine (1890)
    • L'Argent (1891)
    • La Débâcle (1892)
    • Le Docteur Pascal (1893)
  • Les Trois Villes
    • Lourdes (1894)
    • Rome (1896)
    • Paris (1898)
  • Les Quatre Evangiles
    • Fécondité (1899)
    • Travail (1901)
    • Vérité (1903, ga chur sa chlò an dèidh a bhàis)
    • Justice (nach do chrìochnaich e)

Iomraidhean

🔥 Top keywords: