Henri Moissan

B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann an Henri Moissan (Paris, 28 an t-Sultain 1852Paris, 20 an Gearran 1907).

Henri Moissan
Beatha
BreithParis, 28 dhen t-Sultain 1852
Dùthaich An Fhraing
Àite-fuirichAn Fhraing
BàsParis, 20 dhen Ghearran 1907
Àite-adhlacaidhcladh Père Lachaise
Grave of Moissan (en) Translate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (am peandaidh)
Teaghlach
CèileMarie Léonie Lugan Moissan (en) Translate
Foghlam
FoghlamÉcole pratique des hautes études
Stiùiriche an teusaisPierre Paul Déhérain (en) Translate
Oileanaich dotaireachdPaul Lebeau (en) Translate
Maurice Meslans (en) Translate
CànainFraingis
Luchd-teagaisgEdmond Frémy (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdceimigear, neach-teagaisg oilthigh, eòlaiche chungaidhean-leighis agus cungaidhear
FastaicheanOilthigh Paris (Sorbonne)
Oilthigh Pharas
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Acadamh Ungaireach nan Saidheansan
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Académie Nationale de Médecine (en) Translate
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Accademia delle Scienze di Torino
Creideamh
CreideamhIùdhachd

Rugadh e ann am Paris agus dh'imrich a theaghlach do Mheaux nuair a bha e 12 bliadhna a dh'aois. An dèidh do sgoil dh'obraich e ann am bùth-chungaidhean ann am Paris agus an sin anns an Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair. Rannsaich e meatabolachd nan lus agus ceimigeachd iarainn is cròmium. Chaidh e na ollamh aig École Supérieure de Pharmacie ann an 1882 ach cha robh deuchainn-lann ann agus rinn e a dheuchainnean ann an deuchainn-lann Aonadh nan Aonaidhean-ciùird far an deach e na stiùiriche ann an 1880. Leth-oirich e fluarain air a' chiad turas ann an 1886. Chaochail e leis a' pheandaidh ann an 1907.[1]

Urraman

Chaidh a thaghadh mar bhall Acadamh Fhrangach an Leigheis ann an 1888 agus mar bhall Acadamh Fhrangach nan Saidheansan ann an 1891.[1] Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1906 airson an obair aige le fluarain.[2] A bharrachd air sin, b' e an dàrna Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.[3]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: