Luis F. Leloir

B' e ceimigear às an Argantain a bha ann an Luis Federico Leloir (Paris 6 an t-Sultain 1906Buenos Aires 3 an Dùbhlachd 1987). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1970.[1] A bharrachd air sin, 's e a' chiad fhear aig an robh Spàinntis a choisinn an duais seo a bh' ann.

Luis F. Leloir
Beatha
BreithParis, 6 dhen t-Sultain 1906
Dùthaich An Argantain
 An Fhraing
Àite-fuirichBuenos Aires
BàsCatamarca Province (en) Translate agus Buenos Aires, 2 dhen Dùbhlachd 1987
Àite-adhlacaidhcladh Tornquist
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Foghlam
FoghlamFacultad de Ciencias Médicas (en) Translate : Medical science (en) Translate
Àrd-fhoghlamdotair ann an leigheas
Stiùiriche an teusaisBernardo Houssay (en) Translate
CànainFraingis
Luchd-teagaisgFrederick Hopkins (en) Translate
Bernardo Houssay (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdlighiche, bith-cheimigear, fiosaigiche, neach-teagaisg oilthigh agus ceimigear
FastaicheanOilthigh Washington
Oilthigh Chambridge  (1936 -  1937)
Oilthigh Washington ann an St. Louis  (1943 -  1944)
Oilthigh Cholumbia  (1944 -  1945)
Leloir Institute (en) Translate  (dhen t-Samhain 1947 -  2 dhen Dùbhlachd 1987)
Oilthigh Buenos Aires  (1958 -  2 dhen Dùbhlachd 1987)
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Pàpach nan Saidheansan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Fhrangach nan Saidheansan
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
Academia Argentina de Letras (en) Translate
Buenos Aires National Academy of Medicine (en) Translate
The World Academy of Sciences (en) Translate
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Sociedad Española de Bioquímica y Biologia Molecular (en) Translate

Rugadh e ann am Paris ann an 1906 agus dh'imrich a theaghlach, a bha às an Argantain o thùs, gu an Argantain nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois.Dh'ionnsaich e leigheas aig Oilthigh Bhuenos Aires is an dèidh sin dh'obraich e fo Bernard Houssay a bhuannaich an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1947. Rannsaich e beirmearan ann an Cambridge còmhla ri Malcolm Dixon agus rannsaich e co-bheirmearan anns na Stàitean Aonaichte eadar 1943 is 1945 an dèidh don Riaghaltas na Argantaine Houssay a chur à dreuchd. Thill e gu an Argantain airson institiud ùr agus prìobhaideach a stiùireadh, is e air stèidheachadh le taic bho Houssay. Rannsaich e bith-cheimigeachd siùcairean an siud.[2]

An t-Institiud

Tha an t-Institiud Luis Leloir airson rannsachaidh ann an saidheansan beatha a stiùirich e an dèidh 1947 fhathast ann am Buenos Aires.[3]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: