Odd Hassel

B' e ceimigear agus fiosaigiche à Nirribhidh a bha ann an Odd Hassel (Christiania 17 an Cèitean 1897–Oslo 11 an Cèitean 1981).

Odd Hassel
ollamh

Beatha
BreithChristiania (en) Translate, 17 dhen Chèitean 1897
Dùthaich Nirribhidh
BàsOslo, 11 dhen Chèitean 1981
Teaghlach
AthairErnst August Hassel
Foghlam
FoghlamOilthigh Oslo
Oilthigh Humboldt Berlin
CànainNirribhis
Dreuchd
Dreuchdceimigiche fiosaigeach, ceimigear, neach-teagaisg oilthigh agus fiosaigiche
FastaicheanOilthigh Oslo
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAcadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean

Rugadh e ann an Oslo is ann an 1915, chaidh e dhan Oilthigh Oslo. Rannsaich e còmhla ri Kazimierz Fajans ann am Munich is sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Bherlin. Thill e do dh'Oslo far an do rannsaich e ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach is co-chruthachd (conformation) nam moileciuilean fhàs-bheairteach. Dh'fhoillsich e a chiad toraidhean rè an dàrna Cogadh, nuair a chur na Nàsaich e ann an grèim. Chaidh a shaoradh ann an 1944. San 50an rannsaich e co-thàthadairean aiseag teairrds.[1]

Urraman

Chaidh Òraid Hassel Chomann Ceimigeachd Nirribhidh ainmicheadh air.[2]Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1969 airson obrach air co-chruthachd,[3] còmhla ri Derek H. R. Barton.

Iomraidhean

🔥 Top keywords: