Svante Arrhenius

B' e ceimigear às An t-Suain a bha ann an Svante Arrhenius (Vik 1859Stockholm 1927).Bha e na oileanach aig Oilthigh Uppsala eadar 1876 agus 1881 nuair a dh'imrich e dhan Oilthigh Stockholm agus chuir e crìoch air a theusais, Recherches sur la conductibilité galvanique des électrolytes ann an 1884, anns an do lorg e gun nuair a sgaoileas salainn ann an uisge, bhriseas iad agus chruthaicheas iad aidheonan. Chaidh e na òraidiche aig Oilthigh Uppsala ann an 1884 agus shiubhal e do Riga, Würzburg, Graz agus do dh'Amsterdam. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Stockholm ann an 1895 agus ceannard an Institiud Nobel airson Ceimigeachd Fhiosaigeach ann an 1905.[1]

Svante Arrhenius
Beatha
Ainm slànSvante August Arrhenius
BreithBalingsta parish (en) Translate agus Uppsala, 19 dhen Ghearran 1859
Dùthaich An t-Suain
BàsStockholm, 2 dhen Dàmhair 1927
Àite-adhlacaidhseann-chladh Uppsala
Nàdar a’ bhàis (functional gastrointestinal disorder (en) Translate)
Teaghlach
AthairSvanta Gustav Arrhenius
MàthairCarolina Christina Thunberg
CèileSofia Rudbeck (en) Translate  (1894 -
Maria Arrhenius (en) Translate  (1905 -
Clann
Sinnsirean
Foghlam
FoghlamOilthigh Uppsala
Oilthigh Stockholm
Stiùiriche an teusaisPer Teodor Cleve
Oileanaich dotaireachdOskar Klein (en) Translate
CànainSuainis
Luchd-teagaisgPer Teodor Cleve
OileanaichOskar Klein (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdreul-eòlaiche, ceimigear, fiosaigiche agus neach-teagaisg oilthigh
FastaicheanOilthigh Teicnigeach Riga
Oilthigh Stockholm
Oilthigh Uppsala
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh nan Saidheansan ann an Göttingen
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Saidheansan an USSR
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
An Comann Fiosaig-grafach Rìoghail ann an Lund
Acadamh Shuaineach Rìoghail nan Saidheansan Einnseanaireachd
Comann Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean ann an Göteborg
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Dhanmhairgeach Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Accademia delle Scienze di Torino
Creideamh
Creideamhneo-dhiadhaireachd

Rinn e a chiad òraid riamh mu atharrachadh na gnàth-shìde aig Comann Fiosaigeach na Suaine ann an Stockholm ann an 1895 mun buaidh gualan dà-ogsaid san adhair air teòthachd air an talamh, anns an do dh'àireamhaich e buaidh meudachadh is lùghdachadh gualan dà-ogsaid san adhair air an Artaig is co-chruinne CO2 san adhair aig àm Linn na Deighe.[2] Thug e taic don teòiridh Panspermia, a chaidh a chruthachadh le Anaxagoras is chaidh a leasachadh le Hermann Richter, gun do thàinig beatha à planaidean eile, ann an òraid ann an 1908.[3]

Urraman

Chaidh a cho-aontar a tha ceangal reat iom-obrachaidh do theòthachd ainmicheadh air.[4]Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1903 airson an obrach aige mu leactroilisis.[5]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: