Christian B. Anfinsen

B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Christian Boehmer Anfinsen (Monessen, Pennsylvania, 26 am Màrt 1916Randallstown, Maryland, 14 an Cèitean 1995). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1972,[1] còmhla ri Stanford Moore agus William H. Stein airson na h-obrach aca air a' phròtain, ribonuclease, a tha giullachd RNA.

Christian B. Anfinsen
Beatha
BreithMonessen (en) Translate, 26 dhen Mhàrt 1916
Dùthaich Na Stàitean Aonaichte
Àite-fuirichPikesville (en) Translate
BàsRandallstown, 14 dhen Chèitean 1995
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Foghlam
FoghlamOilthigh Phennsylvania
Colaiste Swarthmore
Monessen High School (en) Translate
Sgoil Leigheis Harvard
(1941 - 1943) Dotair Feallsanachd : bith-cheimigeachd
Àrd-fhoghlamDotair Feallsanachd
CànainBeurla
Dreuchd
Dreuchdbith-cheimigear, ceimigear, neach-teagaisg oilthigh agus bith-fhiosaigiche
FastaicheanOilthigh Johns Hopkins
Oilthigh Harvard
Duaisean a fhuaras
BallrachdAcadamh Nàiseanta nan Saidheans
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Pàpach nan Saidheansan
Creideamh
CreideamhIùdhachd

Poileataigs

B' e neach-iomairt a bha cuideachd ann. Chuidich e leis a' chùmhnant a bhac deuchainnean bomaichean niùclasach, is dh'iomairt e an aghaidh a' chogaidh ann am Viet Nam. Ann an 1981 chaidh e na cheannard comataidh nan Còraichean Daonna aig an Acadamh Nàiseanta nan Saidheans is shiubhal e còmhla ri buill eile don Argantain airson 11 luchd-saidheans a shàbhaladh on riaghaltas armach aig Jorge Videla.[2]

Ceanglaichean a-mach

  • Biographical Information”. The Christian B. Anfinsen Papers. Leabharlann Nàiseanta an Leigheis. Air a thogail 27mh dhen Fhaoilleach 2019.

Iomraidhean

🔥 Top keywords: