Archer Martin

B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910–Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952,[1] còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.[2]

Archer Martin
Beatha
BreithLunnainn, 1 dhen Mhàrt 1910
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
 Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann  12 dhen Ghiblean 1927)
BàsLlangarron (en) Translate, 28 dhen Iuchar 2002
Teaghlach
CèileJudith Bagenal (en) Translate  (1941 -
Foghlam
FoghlamPeterhouse (en) Translate
Bedford School (en) Translate
CànainBeurla
Dreuchd
Dreuchdbith-cheimigear, ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh
FastaicheanOilthigh Chambridge
Eindhoven University of Technology (en) Translate  (1964 -
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAn Comann Rìoghail

Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.[3]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: