Mario J. Molina

’S e ceimigear à Meagsago a th’ ann Mario José Molina neo Mario José Molina-Pasquel Henríquez (Meagsago 19 am Màrt 1943). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1995, còmhla ri Paul J. Crutzen agus F. Sherwood Rowland airson an obrach aca air an fhilleadh òson.[1] Rugadh e ann am Baile Mheagsago is bha e na sgoilear an sin agus anns an Eilbheis. Thill e gu Meagsago agus dh'ionnsaich e innleadaireachd cheimigeach. Rinn e dotaireachd aig Oilthigh California, Berkeley fo George Pimentel, far an do dh'obraich e air speactromachd leusair. Dh'imrich e a dh'Oilthigh California, Irvine, far an do dh'obraich e còmhla ri Sherwood Rowland is leasaich iad teòiridh mu clòrofluaracarbonan is am filleadh òson. Bha e an sàs ann an ceimigeachd an àile aig an JPL eadar 1982 is 1989, is aig MIT, far an do mhair e gu ruige 2005, nuair a thòisich e aig Oilthigh California San Diego.[2] Chaochail e ann an 2020.[3]

Mario J. Molina
Beatha
Ainm slànMario José Molina Henríquez
BreithMeagsago, 19 dhen Mhàrt 1943
Dùthaich Meagsago
 Na Stàitean Aonaichte  (1989 -
Ciad chànanSpàinntis
BàsMeagsago, 7 dhen Dàmhair 2020
Nàdar a’ bhàis (greim-cridhe)
Foghlam
FoghlamOilthigh Fèin-riaghlach Nàiseanta Mheagsago
(1960 - : chemical engineering (en) Translate
Oilthigh Freiburg
(1965 -
Oilthigh California, Berkeley
(1968 - 1972) ceum dotaireachd : ceimigeachd fhiosaigeach
Àrd-fhoghlamceum dotaireachd
Stiùiriche an teusaisGeorge C. Pimentel (en) Translate
CànainSpàinntis
Beurla
Dreuchd
Dreuchdceimigear, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh
FastaicheanOilthigh California, Irvine  (1973 -  1980)
Jet Propulsion Laboratory (en) Translate  (1980 -  1989)
Massachusetts Institute of Technology  (1989 -  2005)
Oilthigh California, San Diego  (2005 -
Duaisean a fhuaras
BallrachdAcadamh Pàpach nan Saidheansan
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Acadamh Mheagsagach nan Saidheansan
Colegio Nacional (en) Translate
Acadamh Nàiseanta an Leigheis
An Comann Aimeireaganach airson Adhartas nan Saidheansan

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

🔥 Top keywords: