Melvin Calvin

B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann am Melvin Ellis Calvin (Saint Paul, Minnesota, 8 an Giblean 1911Berkeley, Calafòrnia, 8 am Faoilleach 1997). Tha e ainmeil air sgàth 's do bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1961 airson na h-obrach aige air co-choslachadh carbon dà-ogsaid ann am plantaichean.[1]

Melvin Calvin
Beatha
Ainm slànMelvin Ellis Calvin
BreithSaint Paul, Minnesota, 8 dhen Ghiblean 1911
Dùthaich Na Stàitean Aonaichte
BàsBerkeley, 8 dhen Fhaoilleach 1997
Nàdar a’ bhàis (fàilligeadh a' chridhe)
Teaghlach
CèileGenevieve Calvin (en) Translate
Foghlam
FoghlamOilthigh Minnesota
Michigan Technological University (en) Translate
Oilthigh Mhanchester
Central High School (en) Translate
Stiùiriche an teusaisMichael Polanyi (en) Translate
Oileanaich dotaireachdCyril Ponnamperuma (en) Translate
Jan Anderson (en) Translate
CànainBeurla
Dreuchd
Dreuchdceimigear, bith-cheimigear, neach-teagaisg oilthigh, bith-eòlaiche agus einnseanair
FastaicheanOilthigh California, Berkeley
Oilthigh Minnesota
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans

Rugadh e ann am Minnesota agus dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Michigan College of Science and Technology. Sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Mhinnesota fo George Glockler. An dèidh sin, dh'obraich e comhla ri Michael Polanyi ann am Manchester air foto-cheimigeachd. Dh'imrich e do Oilthigh Chalafòrnia Berkeley ann an 1937 far an do mhair e gus do chaochail e.

Tha e nas ainmeil airson na h-obrach air carbon-14, a chleachd e na pròiseasan ceimigeach ann am foto-cho-chur a thuigsinn.[2]

Beatha phearsanta

B' e an seachdamh Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.[3]

Iomraidhean

🔥 Top keywords: