Pàrtaidh Nàsach

Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei
Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach
Fiosrachadh
Stèidheachadh24 an Gearran 1920 gu 10 an Dàmhair 1945
Luchd-stèidheachaidh Anton Drexler
Àite-Stèidheachaidh München
OifiseanBraunes Haus, Briennerstraße 45 München
CathraicheAnton Drexler (1920 - 1921) Adolf Hitler (1921 - 1945)
Suidheachain1933: 288/674

B' e partaidh poileatagach às A' Ghearmailt a bha a' gabhail ri poilitigs faisisteach uabhasach fhèin cruaidh air an robh Sòisealas Nàiseanta air neo Nàsachd[1] 's a bh' ann an Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei (Gàidhlig: Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, ainm gorid Pàrtaidh Nàsach, giorrachadh NSDAP). Chreideadh na Nàsaich cuideachd ann an Gràin-cinnidh, Ain-iùdhachd, Armailteachas, Thar-ghearmailteas agus Ain-Cho-mhaoineas. Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann am München air 24 an Gearran 1920 le Anton Drexler[2] agus bha e air a sgaoileadh an dèidh a' Chogaidh air 10 an Dàmhair 1945. Theab Adolf Hitler agus Pàrtaidh Nàsach an Riaghaltas a ghabhail os làimh ann an 1923 ann an cur-fodha stàite air an robh an Hitlerputsch, nach robh soirbheachail a thaobh armachd ach a bha feumail dha a thaobh chleas-follaisidh leis gu do nochd an t-ideòlas Nàsach anns na meadhannan. Ann an Taghadh Nàiseanta ann an 1933, fhuair Pàrtaidh Nàsach 288 a-mach à 674 san Reichstag (pàrlamaid). Cha robh ach mu 60 buill a' phàirtidh ann an 1920 ach dh'fhàsadh a bhallrachd gu ruige mu 8.5 muillean ann an 1945.[3]

Taghaidhean dhan Reichstag

B' ann ann an 1933 a bha na Nàsaich na bu shoirbheachaile.[4]

BliadhnaBhòtaichean%Seataichean
19286,379,6722.6%12
19306,379,67218.3%107
193213,745,68033.1%196
193317,277,18043.9%288

Buidhnean

Buill a' Phàirtidh

Iomraidhean

🔥 Top keywords: