Roinn Eilbheiseach

‘S e buidheann poiliteagach riaghladh anns An Eilbheis a th’ann an Roinn Eilbheiseach (Eadailtis: Cantone, Fraingis: Canton, Gearmailtis: Kanton, Rumantsch: Chantun). Tha Co-fhlaitheas na h-Eilbheis air a stèidheachadh air siostam na roinnean sin. Ghabh An Eilbheis leis an t-siostam gu math feadarail na roinnean sin mar a tha iad an latha an-diugh ann an 1848 is bha airgead, feachdan armachd agus crìochan aig na roinnean ro làimhe co-dhiù.[1] Ged an robh iad uile am broinn, gu beachdail, Iompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach (Laideann: Sacrum Romanum Imperium), bha iad air a bhith neo-eisimeileach bhon a chuir An Eilbheis ruaig air arm an Iompaire Maximilian I ann an 1499. Tha structar agus cruth nan roinnean uabhasach eadar-dhealaichte, bho dìreach 37km² gu ruige 7,105km², is àireamhean-sluaigh cho beag mar 14,000 air a’ char as lugha gu ruige còrr is 1,200,00 ann an Zürich. ‘S e leis na roinnean a tha a h-uile dleastanas poiliteagach nach eil air a sgrìobhadh ann an Bun-Reachd na dùthcha, is ‘s e na roinn a cho-dhùineas na dleastanasan a bheirear dha na bailtean: le sin, tha diofaran mòra ann taobh na cumhachdan a tha aig na bailtean bho roinn gu roinn. Bidh dà roinn a chumail an Deamocrasaidh fosgailte poblach gus an latha an-diugh.[2]

Fiosrachadh Roinneil

Tha 23 anns an Eilbheis, is trì dhuibh nan leth-roinnean (Basel, Appenzell agus Unterwalden), ann an dà chuid air adhbharan eachdraidheil mar Unterwalden agus Appenzell, agus air sàilleabh diofaran taobh fàs eaconamach eadar am baile mòr agus an dùthaich, mar Bhasel.

Seula
CòdRoinnBhoPrìomh-bhaileÀireamh-sluaighFarsaingeachdDlùthsBailteanCànan Oifigeil
ZHZürich1351Zürich1,371,0071,729701171Gearmailtis
BEBern1353Berne979,8025,959158383Gearmailtis, Fraingis
LULuzern1332Luzern377,6101,49323387Gearmailtis
URUri1291Altdorf35,4221,0773320Gearmailtis
SZSchwyz1291Schwyz146,73090814330Gearmailtis
OWObwalden1291 neo 1315 (mar phàirt Unterwalden)Sarnen35,585491667Gearmailtis
NWNidwalden1291 (mar Unterwalden)Stans41,02427613811Gearmailtis
GLGlarus1352Glarus38,608685513Gearmailtis
ZGZug1352Zug113,10523941611Gearmailtis
FRFribourg1481Fribourg278,4931,671141167Fraingis, Gearmailtis
SOSolothurn1481Solothurn256,888790308122Gearmailtis
BSBasel-Stadt1501 (mar Bhasel gu ruige 1833/1999)Basel191,542375,0723Gearmailtis
BLBasel-Landschaft1501/1833Liestal275,53651850286Gearmailtis
SHSchaffhausen1501Schaffhausen76,35629824627Gearmailtis
ARAppenzell Ausserhoden1513Herisau53,01724322020Gearmailtis
AIAppenzell Innerhoden1513Appenzell15,688173876Gearmailtis
SGSt. Gallen1803St. Gallen478,9072,02622285Gearmailtis
GRGrischuns1803Ciura192,6217,10526180Gearmailtis, Rumantsch, Eadailtis
AGAargau1803Aarau612,6111404388220Gearmailtis
TGThurgau1803Frauenfeld244,33099122980Gearmailtis
TITicino1803Bellinzona333,7532812110157Eadailtis
VDVaud1803Lausanne713,2813212188339Fraingis
VSValais1815Sion312,684521453143Fraingis, Gearmailtis
NENeuchâtel1815/1857La Chaux-de-Fonds172,02180320653Fraingis
GEGenève1815Genève466,5362821,44245Fraingis
JUJura1979Delémont70,1978398264Fraingis
CHAn EilbheisBerne7,593,49441,2851742,596Gearmailtis, Fraingis, Eadailtis, Rumantsch

Ceanhlaichean A-mach

Iomraidhean

🔥 Top keywords: